Tha sinn cinnteach gu bheil fios agaibh gur e stiùbhartachd fear de na h-obraichean as cudthromaiche aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, Mar sin, airson Mòd nan Eilean Siar 2005, tha sinn a coimhead airson daoine saor-thoileach a bhiodh deònach cuideachadh aig na h-àitichean eadar-dhealaichte far am bi na co-fharpaisean a gabhail àite agus aig na cuirmean-ciùil.
Bi stiùbhardan saor-thoileach a' cuideachadh ann an iomadach dòigh, bho bhi aig dorsan nan co-fharpaisean, a' reic tiocaidean, a' cuideachadh le na còisirean, is mar sin air adhart. Gheibh stiùbhardan trèanadh freagarrach agus cuideachadh mar a bhios feumail. Mar sin, ged nach biodh sibh air ar cuideachadh roimhe, bi e furasta gu leòr dhuibh ar cuideachadh am bliadhna.
Cuiridh sinn fios chun na stiùbhardan saor-thoileach againn airson feasgairean freagrach airson trèanadh a' chuir air dòigh, agus tha sinn an dòchas gum bi cruinneachadh sòisealta againn an dèidh làimh gus am bi an cothrom aig na luchd obraich eòlas fhaighinn air càch.
Ma tha sibh deònach ar cuideachadh dìreach lìon a steach am bileag stiùbhardachd (PDF), agus cur air ais thugainn e chun an seòladh a tha ri lorg air a bhileag.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cur fios gu: fios@modnaneileansiar.co.uk.
Tha sinn a coimhead air adhart ri bhi ag obair còmhla ruibh.
Murchadh Greumach
Neach-gairm Tallaichean agus Stiùbhartachd
Comataidh Tallaichean agus Stiùbhartachd: Cathy Ghreumach, Murchadh MacLeòid, Tormod Mac a' Ghobhainn, Anna NicThòmais, Aileen Whytock
Còraichean © 2005 Mòd nan Eilean Siar.
![]()